Mu Dheidhinn Mise

‘N uair a chaidh mi a-mach air an doras an-diugh anns a’ mhadainn, chunnaic mi air na cearcan agus na tunnagan anns a’ ghàradh – ach bha madadh ruadh ann cuideachd! Thug mi mo chasan leam dhan ghàradh agus dh’èigh mi uabhasach àrd! ‘N uair a chuala am madadh ruadh mi, thug e a chasan leis a-mach a’ ghàradh, ach bha an coileach marbh.

Tha mise a’ fuireach ann am baile glè bheag faisg air Sruighlea ann an Astràilia-a-Deas. Cha chì mi air taighean eile ‘n uair a bidh mi a’ dol a-mach air an doras, ach chì mi air a’ mhonadh. Cha bhi an rathad trang idir.

Chunnaic mi mòran caora ‘n uair a chaidh mi a-mach anns a’ mhadainn an-diugh, ach uaireannan chì mi air cangarù no air èmiù. Tha còala a’ fuirich anns a’ chraobh anns a’ ghàradh. Cluinnidh mi an còala ag èigheach àrd anns an fheasgar.

Chan eil mòran Ghàidhlig ann Astràilia-a-Deas ach tha mòran Ghearmailtis ann. ‘N uair a thuirt mi ri daoine gun robh mi a’ dol a dh’ionnsachadh Gìadhlig, thuirt iad rium, “Oh, like Gaylic, you mean?” no “Is that like Celtic?”. Ach tha beagan clas Ghàidhlig ann an Rèidio Albannaich di-màirt h-uile seachdain. Tha iad ceithir anns a’ chlas – còig ‘n uair a dol mise dhan chlas. Cha thèid mi dhan chlas am bliadhn – ionnsach mi ann an oilthigh a-nis.

Tha mòran clasachan Ghàidhlig anns na stàitean-an-ear, anns a’ bhaile Sidni agus ann am Meall Bhùirn. Tha Comunn Ghàidhlig Astràilia an-sin agus anns an t-Samhain h-uile bliadhna bidh Sgoil Ghàidhlig Nàiseanta ann ann am Meall Bhùirn. Bha mise a’ dol dhan Sgoil an-uiridh.

Di-hAoine madainn bha sinn ag èirigh tràth. Bha sinn a’ draibhadh a Mheall Bùirn air an càr. Bha mi a’ dol còmhla ri Mairead agus Seonaid às a’ chlas Ghàidhlig Adelaide. Bha sinn a’ draibhadh mu ochd no deach uairean a Mheall Bùirn.

‘S e baile glè mhòr a th’ ann am Meall Bùirn agus bidh an sgoil anns an Oilthigh LaTrobe. Bidh mòran daoine ann à Sidni, Meall Bùirn, Brìs Beinn, agus àiteachan eile anns a’ Chuimrigh-a-Deas-Nuaidh agus Bhictoria agus Tasmania. Bidh clasachan again di-Sathairne agus di-Dòmhnaich. Bidh tri clasachan agus ceithir tìdsearan: Raoghall, Ruaridh, Seonag, agus Seannaidh. Bha mise anns a’ Chlas Trì.

Di-Sàthairne feasgar bha dùis ann air dinnear agus bidh ceilidh ann cuideachd. Bidh sinn a’ seinn “Suas leis a Ghàidhlig” h-uile madainn, ach di-Sàthairne feasgar bha sinn a’ seinn òrain eile agus bha mise ‘is mo charaid Eden a’ cluicheann fidheal cuideachd.

Bidh clasachan eile ann di-Dòmhnaich madainn agus falbhaidh sinn anns an fheasgar. Bha Mairead, Seonaid, agus mise a’ draibhaidh dhachaidh. Bha sinn anns a’ Bhodertown di-Dòmhnaich oidhche agus thàinig sinn dhachaidh di-Luain.

Tha mise a’ deanamh an Cùrsa Inntrigidh le Sabhal Mòr Ostaig, an colaisde Ghàidhlig, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mi a’ fàs nas fheàrr air Ghàidhlig. Dè tha sibhse a’ smaoineachadh?

Advertisements

2 thoughts on “Mu Dheidhinn Mise

  1. […] anns an t-earrach. Bha e anns a’ Mheall Bùirn agus sgrìobh mi mòran mu dheidhinn an Sgoil an-seo. ‘S docha gun do theid mi dhan Sgoil am […]

  2. […] dheidhinn mise agus mo […]

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s