Mo Theaghlach

Seo an topaic a bh’ ann an t-seachdain seo:

Faodaidh tu a-nis innse dhuinn mun teaghlach agad-fhèin. A bheil iad seo agadsa?: bràithrean, peathraichean, nigheanan, mic, balaich.

Agus dè mu dheidhinn nan daoine seo?: nàbaidhean, caraidean… (searbhantan!)

Ma tha bràithrean no peathraichean agad, a bheil mic no nigheanan acasan?

Tha mi a’ smaoineachadh nach eil teaghlach mòr agam-fhìn. Tha mi a’ fuireach comhla ri mo phàrantan, mo phuithir, agus mo sheanair. Chan eil ach aon phuithir agam – tha dithis nighean aig mo phàrantan.

A-nis, ‘n uair a tha mi a’ sgrìobhadh an t-òraid seo, tha mo phuithir an-seo anns mo sheomar. Tha i a’ laigheadh air an làr agus tha i ag ràdh gun robh i bored (ciamar a chanas mi bored anns a’ Ghàidhlig?). Agus bhris i am fionnaraich. Fuirichibh mionaid.

Tha mi air ais a-rithist! Tha seachd bliadhna agus deug aig mo phuithir agus dh’fhalbh i às àrd-sgoil ann an t-Samhain. Thèid i a Chreagan (Geelong) am bliadhn’ airson oilthigh.

Tha mo sheanair a’ fuireach còmhla rinn cuideachd. ‘S e athair mo mhathair a th’ ann agus tha ochd bliadhna agus ceithir-fichead aig. ‘S e Astràilianach a th’ air, agus thàinig a shinnsir às a’ Chòrn. Tha e às an dùthaich an tuath air Adelaide – ‘s e “Kernow Bichan” a th’ air an dùthaich seo (Còrn Beag).

Tha mo sheanmhair (am bean athair mo mhathair) marbh a-nis, ach bha ceathrar chloinne aca – triùir nìghean agus aon mhac. Tha a’ phiuthar-màthar nas sheaine na mo mhàthair a’ fuirich ann am Baile Mhòr Shidni. Tha triùir chloinne aice. Tha aon mhac agus dithis nighean aice – mo cho-òghanan. Tha aon mhac, Seumas, agus aon nighean, Caitrìona, pòsta agus tha mac beag air Caitrìona. Tha a’ phiuthar-màthar nas òige na mo mhàthair a’ fuirich an tuath orm ann an Creag Mhòr agus tha dithis chloinne aice. Tha mo bhràthar-màthar a’ fuireach ann an Coirea a-nis.

Tha mo sheanpàrantan eile (na phàrantan aig m’ athair) marbh cuideachd, agus bha iad a’ fuireach anns an Alba. Bha mo sheanair às Alba fhèin, ach thògadh mo sheanmhair ann an Dùn Èideann anns a’ Shealainn Nuadh (bha Gàidhlig aice). Tha na co-ògha m’ athair a’ fuireach anns a’ Shealainn Nuadh cuideachd. Chan eil ach aon phuithir aig m’ athair agus tha i a’ fuireach ann an Sasainn. Tha dithis mhac aice.

Chan eil mòran nàbaidhean ann far a bheil mi a’ fuireach a chionn ‘s nach eil mi a’ fuireach ann am baile. Tha leth-cilemeatair eadar an taigh agam agus taigh mo nàbaidhean. Ach tha mo nàbaidhean snog co-dhiugh. Tha dithis “chaorach nan rathaid” againn – aig mo teaghlach, aig na nàbaidhean air suas an rathad agus aig na nàbaidhean air thairis an rathad.

Chan eil searbhantan againn idir-idir! Ach tha mo mhàthair ag radh a-nis ‘is a-rithist gu bheil searbhant aice!

Tha mo phuithir an-seo a-rithist agus seo an t-òraid Gàidhlig aice-fhèin (thuirt i e agus sgrìobh i e):

Pheska ma. Hun yell un galig ackum. Tscheerie.

Agus sin e!

Group Photo

Teaghlach no caraidean? Chan eil fios agamsa!

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s