Sgoil an Adhair Gàidhlig!

Thuirt Bòrd na Gàidhlig anns a’ Mhàirt gun tòisich iad “sgoil brìgheil Gàidhlig”. ‘S e “E-Sgoil” an t-ainm a bhios ann agus ‘s e ceangal eadar àrdsgoilean tromh meadhan Gàidhlig a bhios ann. Tha iad an dòchas gun toir an E-Sgoil mòtha cùspairean dhan àirdsgoilean Gàidhlig agus gun toir tìdsearan na leasanan tromh meadhan nan E-Sgoil cuideachd.

Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil an naidheachd sin glè inntinneach. ‘S e Astràilianach a th’ annam agus tha an Sgoil an Adhair againn bho cheann 1951. A dh’ innse na fìrinn, ‘s e sgoilear nan Sgoil an Adhair a th’ annamsa!

Eadar Clàs 8 agus Clàs 11 dh’ionnsaich mi tromh meadhan fuaim-fada agus inneal-sgrìobhadh*. Bha mo thìdsearan ann an sgoil-oifis ann an Àdalaidh agus bha mise (agus na daoine eile anns mo clàsaichean) aig na taighean anns a’ dhùthaich no anns a’ Bhùis**. Bha daoine eile ann cuid de mo clàsaichean ann bàiltean glè bheag, agus dh’fhaod iad mòtha cùspairean a ionnsaich – chan eil tìdsearan fìor-eòlaiche anns na bàiltean beag.

Agus, ‘n uair a bha mi airson Gàidhlig a ionnsach, dh’ionnsaich mi tromh “sgoil brìgheil” cuideachd – rinn mi an Cùrsa Inntrigidh, an cùrsa air astar ri Sabhal Mòr Ostaig.

Tha mi air mo dhòigh gum bi Sgoil an Adhair Gàidhlig ann anns an Alba. Tha an Sgoil an Adhair glè chudthromach dhomh – faisgdlùth cho chudthromach ris a’ Gàidhlig-fhèin!

Ach tha mi boilisgeach – carson nach bhi “Sgoil-D” a th’ air?

*‘s e “coimpiutair” a th’ ann “inneal-sgrìobhadh” agus “telefòn” a th’ ann “fuaim-fada” anns a’ Ghàidhlig Albannach

**‘s e an dùthaich anns a’ mheadhan Astràilia far nach eil mòran daoine a th’ anns a’ Bhùis

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s