Tha fios agad gu bheil Gàidheal às-dhùthchach a th’ annad ma…

… ma tha Seumaidh MacRuimein an caractar Doctor Who as fheàrr leat, ach is ann brochan a tha do cheann oir chan eil Gàidhlig aige (agus chan ann Leòd).

… ma tha do blas-cainnte tro chèile. Faodaidh tu bho Leòdhas do dh’Earra Ghàidheal do Chanada anns ach aon seantains.

… ma luaidh thu lion-anart. Air àrd-ùrlar.

… ma do thog duine ‘s am bith ort gu bheil “Elvish” agad às dèidh a chuala e tu a’ bruidhinn Gàidhlig air an fhòn.

teth%20a-muigh.jpg

is Astrailianach mi

… ma do dh’iàrr iad thu anns an Còisir Gàidhlig as fhaisge… agus chan eil i ach deich uairean ‘s a’ char bhuad.

… ma tha thu air do shàrachadh leis bitheadh a’ lèirigeadh nach eil, chan eil “Celtic” agad, tha “Gàidhlig” agad.

… man bheil thu cinnteach mu dheidhinn na rudan “Clan” seo… oir chan eil do “chlan” cho cudthromach ri mur a bheil Gàidheal annad.

… ma tha uaill mhòr mhòr agaibh ann do chànan, ach cha bruidhinidh thu i ach an uair a tha Gàidheil eile ann.

… man tug thu tadhal a dh’Alba ach aon uair, agus tha an mòr-chuid nan fìos cruinn-eòlas Albannach agad às clàsaichean aig na Sgoilean Nàiseanta nan Comunn Gàidhlig ionadail no clàsaichean teleafòn le Sabhal Mòr Ostaig.

… man faod thu air daoine nach bheil ach seachd (no ochd) litrichean ‘us deag aig do chànan às deidh a chunnaic iad air a dhearbh.

… man tug thu tadhal dhan Steòrnobhaigh, ach air tàilleibh na rudan a chuala tu, is ionad-cultar mòr agus àrd-bhaile e.

 

… ma chuala tu na gòthaidhean “garlic” iomadh turas.

… ma chuala tu ‘us ma do leugh thu gach freagairt annasach bho Gàidheil Albannach air am fìos gu bheil thu ann an Astràilia… far an rugadh agus thògadh thu.

… ma tha ‘n sloinneadh “Leòd” aig mòran nan càirdean agad, ach futhaichidh tui ad aig an Cruinneachadh… oir is cho geal-bhuidhe a th’ anns an t-aodach breacanach aca.

… ma do bhuail thu idir an sgàil-inneal-sgrìobhaidh oir thuirt e dhuit (a’ rithist) nach bheil i-Player BBC Alba a’ dol anns do mhòr-thir.

… ma tha thu diombach ris am fiacham gu bheil thu pàirt de ‘n mòr-chuid chultarach Bheurla-bhuidhinneach… oir is geal thu.

… ma tha thu ‘n ad Crìostail, ach chan eil thu cinnteach mu dheidhinn an t-Eaglais Saor.

… ma tha àill agad gun dùn an clapan Clann ‘icDhòmhnaill mu dheidhinn Gleann Comhann!

… ma tha thu a’ tuigsinn gach facal ann “Outlander”.

… ma tha thu a’ teagasg Gàidhlig aig an t-ionad-cultar, agus tha barrachd air leth na oileanach an-siud oir a chunnaic iad air “Outlander”.

… ma tha umhail agad gu bheil blas-cainnte Adhamh aig gach cleasaiche air Outlander.

… ma sgrìobhaidh tu fhathast na dhà stràc (throm augs gheur).

… ma sgrìobhaidh tu h-uile litir ann “am màireach”, “an uair”, “an nis”, agus “an nochd”.

… ma sgrìobhaidh tu “cèilidh” le “dh”, agus ma tha thu an aghaidh air gach litreachaidh eile. (“céili”, mar eisempleir).

… ma tha faireachdainn agad, an nis ‘us a’ rithist, gu bheil thu nas Albannach na 99% nan daoine anns an Alba… oir tha ‘n cànan agad.

… ma tha thu-fhèin a h-uile roinn nan òig nan Comunn Gàidhlig as fhaisge.

manx

Gaidhlig Mhannainn. Chan eil Gaidhlig a th’ ann gu dearbh… a bheil? A bheil thu cinnteach? Uill, tha mi a’ tuigsinn na faidhlean-fuaim, co-dhiugh…

… man fhaod thu Gàidhlig Mhannainn a’ leughadh… ‘us do shùilean dùinte.

 

… ma tha thu an aghaidh aodachach breacanach (oir is toradh nan impireileas Shasannaich iad)… ach tha am part “Scottish Expat” agad an nis ‘us a’ rithist nas làidire, agus an uair sin cuiridh ort tu d’ aodach breacanach co-dhiùgh.

… man fhaca thu air “Outlander” air son dà bhliadhna oir is litricheadh mearachdach a th’ anns ainm nan chiad eadar-sgeul.

… man do sgrìobh tu “Albannach” air do bhileag-iarrtais àrd-sgoil far a cuir e cèist ort man robh thu pàrt de ‘n cultar eile… agus bha thu glè gruamach riutha an uair a thuirt an sgoil dhuit nach robh “Albannach” cultar dìofraich nan “Astràilianach”, agus cha robh iad a’ creidsinn an uair a thuirt thu dhuibh gun robh cànan eile agad.

… ma chluichidh tu fidheal aig cèilidhean, dannsaichean bush, agus air àrd-urlar… ach bidh thu gruamach an uair a chluicheas Astràilianaich “nighean donn bhòidheach” cho luath. ‘S e ceòlan nan cridhe briste a th’ air. Chan air port-cruinn.

… man do choinnich tu pàrantain do phàrantain ach aon no dà uair, ach bha do “sheanmhairean” agus do “sheanairean” air mòran Gàidheil seann.

… ma bha thu ag deasbaireachd ri do thìdsear àrd-sgoile mu dheidhinn daoine “indigenous”. ‘S e tè dùthchasail a th’ annad, ach chan eil thu a’ fuireach anns do dùthchas. Seash, tha craicinn geal ort, ach bha na Sasannaich a’ ceannsachadh do shinnsirean cuideachd.

… ma tha fìos agad ri na h-ainmean nan glasraichean-fhèin agus nan measan-fhèin, ach cha robh thu a’ tuigsinn am fràs “glasraichean ‘us measan” a’ chiad uair an tuirt do thìdsear dhuit e.

… ma tha fìos agad ri na h-ainmean Beurla nan gach ainm Gàidhlig, ach chan fhaod thu an ceangal a mhinich gach uair.

… ma tha fìos agad ri an diùbhras eadar “surname” agus “sloinneadh”.

… ma tha fios agad ri an diùbhras eadar “labhraiche dùtchasach”, “labhraiche dùthchasach sleamhnaichte”, “labhraiche dualchasach”, “ionnsaiche dualchasach”, agus “thogte ionnsaiche dualchasach”.

… ma tha fìos agad ri ceann-latha nan Blàr Chùil Lodair. Cha robh e ann 1745.

… ma tha fìos agad gun robh do chànan an cànan trì-gu-mòr as motha ann Astràilia. Bha Beurla agus Gàidhlig Èireannach na dà chànan as motha.

… ma tha fìos agad gu bheil Ghàidheil a th’ ann Gàidheil. Ach chan fhaod thu a’ tuigsinn car son nach bruidhinn na Èireannaich riut man bheil Èireannach a th’ annad.

… ma tha fìos agad gun robh bile air parlamaid Cànadach aon uair airson Gàidhlig mar treasa cànan oifigeul.

… ma tha fear ann do theaghlach le speurachd agus urnaighean ann an Gàidhlig (ach chan eile Gàidhlig eile aige idir).

… ma tha fios agaibh co mheud faclan Astràilian a tha Gàidhlig.

… ma tha thu uabhasach samhnach an uair a tha duine ‘s am bith ag ràdh riubh gum bi cànan marbh (no bàsachadh) a th’ ann Gàidhlig.

iasg%20iosa

abhachd Criostalach

… ma bhitheas milileadh dùil ort an uair a tha ainm Beurla gan eadar-theangachadh aig Gàidheal eile, oir cha bhith fios agaibh mu ‘n tuiseal gairmeach air an ainm.

 

… man do chuir sios “Sòisgeul Eòin” thu car seachdan as dèidh a thàinig e.

… ma tha an t-òran nàiseanta Èireannach agad a’ dol: “Sinne fianna fàila… a tha faoi gheall ag Èirinn… chan eil fìos agam… mu dheidhinn na faclan!”

… ma thug thu idir tadhal air bàile eile airson Sgoil-Cànan Èireannach aig direadh seachdaine… oir bha feòrachas agad.

… ma their thu “Gàidhealtachd” air “Highlands”, a dh’aindeoin fìos gu bheil na h-Eileanan Siar an Gàidhealtachd ceart.

… ma tha Gearmailtis agad… oir tha co mheud ionnsaichean à Gearmailt. Carson a tha iad, co-dhiùgh?

… ma tha Am Briathrachas nas fheàrr leat na Dwelly’s, ach gun bhreug, tha an faclair ùr sin air learngaelic.net le faidhle-fuaim am faclair as fheàrr gu dearbh gu cinnteach!

… ma cluicheas tu Rùnrig air an rèidio a chum a bhith a’ dearbhadh nach bheil ceòl Gàidhlig ràsanach, tradaiseanta, mall seann-nòs (mar ‘s breagha leat).

… ma tha fìos agad dè tha camanachd.

… ma tha fìos agad ri an diùbhras eadar “walking” agus “waulking”.

… ma leanas thu na sgòran camanachd.

… ma tha e neònach gun cuir Seumaidh Friseal bho Outlander “mo nighean donn” air Clare, agus seinneas thu “ho-rò, mo nighean donn bhòidheach” gach uair…

… ma bha do ghràdh air an t-òran “Is Gàidheal Mi-i-i-i-i” bho ‘n chiad uair a chuala tu e, agus tha thu airson a dh’ionnsaich.

… ma thuigeas tu Gàidhlig Èireannach, ach tha Gàidheil Èireannach ag ràdh nach faod iad gad thuigsinn.

… ma tha fìos agad an uair a tha fìos aig fidhlearan mu dheidhinn nan faclan nan t-òrain.

… ma tha cuimhne agad bho ‘n uair cuin’ nach robh Gàidhlig air an eadar-lìon.

… man fhaod thu “a dh’fhaithgheàrr” a chanas, ach chan eil duine ‘s am bith a’ creidsinn an uair a can thu e.

… ma their thu “camanachd” air “shinty”.

… ma tha eagal ort gun dìochùimhnichidh tu do chànan-fhèin.

… ma tha thu airson do ‘m Mòd Nàiseanta Rìoghail a dhol.

… man bheil do mhàthair (agus a h-uile teaghlach aice) a’ tuigsinn Gàidhlig. Agus chan eil Gàidhlig air mòran do teaghlach eile cuideachd.

… ma tha barrachd air leth nan t-òrain agad mu dheidhinn na Shasannaich olc.

… ma tha bàiltean anns an Alba le ainmean nach eil fios agaibh ri ach anns a’ Ghàidhlig.

a-hundred-thousand-smells

grupan FaceBook

… ma tha blasan-cainnte Leòdhasach as èibhinne.

 

… ma tha fo-sgrìobhadair annad air grùpan FaceBook mu dheidhinn ceàrr Gàidhlig air soidhnean anns an Alba.

… man fhaod thu trì rannan nan “O Fhlùir na h-Alba” a sheinneas, ach chan eil fìos agad mu dheidhinn na faclan ‘s a Bheurla!

… ma bha thu airson pìob a chluiche an uair a bha thu òg.

… man e “Scot” a th’ annad; ‘s e Gàidheal a th’ annad!

… man e liubhraiche rèidio annad ach oir bha an liubhraiche ùr eile air Uair Rèidio Albannach an aghaidh Gàidhlig.

… man e eachdraidh air do shluaigh ach Na Fuadaichean.

… ma chunnaic thu air eadaran-sgeul Dòtamain teipte gu bochd, a dh’ aindeoin nach do chraol e air taidhsearachd bho chionn fada mus d’ rug thu.

… ma tha thu ag ràdh “taidhsearachd” air “telebhisean”.

… man e “Calum Chlachair” a th’ air “Bob the Builder”.

… ma tha “Na Braithrean Cuideachail” anns a’ Ghàidhlig an rud as fheàrr leat air taidhsearachd!

… ma tha thu a’ tuigsinn na pìosan-millidh ann an Outlander oir tha iad anns a’ Ghàidhlig.

Latha na Gaidhlig… ma do sgrìobh thu air Gàidhlig air an loidhne airson Latha Twitter Gàidhlig.

… ma tha thu cinnteach gu bheil “Suas leis a’ Ghàidhlig” an t-òrain nàiseanta nan Alba.

… ma tha thu dà-fhichead bliadhnaichean nas òige na h-uile Gàidheal eile anns do stàta.

… ma d’ rinn thu cùrsa beag Cuimris, ach bha milleadh dùil agad ri na oileanaich eile oir bha iad cho gleòmach… chan eil sèimheachadh cho doirbh!

…. ma d’ rinn thu Dannsa Dùthchas Albannach an uair a bha thu nas òige nan nis.

… ma thug thu idir tadhal air an clàs Còrnais aig am fèis Cèilteach… oir bha ùidh agad.

… ma tha fìos agad nach eil Gàidhlig agus Scots dàimheachte. ‘S e “Gàidhlig”-fhèin air – chan e “Scots Gaelic” a th’ air do chànan.

… ma chunnaic thu air h-uile bhideo anns a’ Ghàidhlig air YouTube… agus chunnaic thu air h-uile bhideo anns a’ Ghàidhlig Èireannach… agus tha thu airson na bhideodhain anns a’ Chuimris a’ sealltainn.

… ma tha thu ag eadar-theangachadh mìmean faoin “Tha Fios Agad Ma…” do Ghàidhlig.

… ma tha fìos aig h-uile duine mu dheidhinn do cinneadh bho do shloinneadh, ach chan eil duine sam bith suaraich mu dheidhonn cho fàd’ ‘s a tha Gàidhlig agad!

… man bheil thu cinnteach gu bheil thu a’ sgrìobhadh Gàidhlig ceart, agus tha sgàth ort gum bith duine sam bith a’ cuireach “àmadan” ort agus gum bith iad ag ràdh “tha do Ghàidhlig coltach ri Gàidhlig nan leanaibh beag no gall”.

Advertisements

One thought on “Tha fios agad gu bheil Gàidheal às-dhùthchach a th’ annad ma…

  1. […] yes, I know people get annoyed when I write in Gaelic and don’t provide a translation. That should be on the list, actually. But never mind, here’s the translation. New things I just thought of, and the odd […]

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s