Latha na #Gàidhlig sona dhaibh uile!

Bidh mi ag innsidh dhaibh cùplan rud mu dheidhinn Gàidhlig agus mise an-diugh.

Is mise Raghnaid NicGaraidh. Tha mi aon bliadhn’ ‘us fichead d’ aois agus tha mi às Astràilia-a-Deas. Agus – mar tha fios agaibh an-nis, tha mi cinnteach – tha Gàidhlig agam.

Chan eil Gàidhlig aig mo mhathair agus chan eil ach cùplan facal aig m’ athair. Tha sinn a’ smaoineachadh gun robh Gàidhlig aig mo sheanmhair, ach thàinig mo phàrantan air ais a dh’Astràilia an-uair a bha mi dà bhliadhn’ d’ aois, agus bha mo sheanmhair a’ fuireach ann an Sassainn.

An-uair a bha mi aig àrd-sgoil tromh meadhan Gearmailtis, bha mi airson Gàidhlig a dh’ionnsachadh. Chan eil ach còig no sia daoine le Gàidhlig ann an Astràilia-a-Deas agus rinn mi cùrsa le SMO. Ach cha robh àm no airgead gu leòr agam airson an cùrsa an-uair a thòisich mi aig an oilthigh.

‘S ann bho chionn tri bliadhna an-nis agus tha mi a’ fuireach ann am Meall Bùirn an-nis. Tha mòran Gàidhlig an-seo! Tha mi a’ seinn leis a’ Choisir Ghàidhlig Bhioctoiria gach seachdain agus, ged nach fhaod mi do ‘m Baile Mòr a dhol airson clàsaichean Gàidhlig, tha cùplan daoine eile an-seo le Gàidhlig agus faodaidh mi riutha a bhridhinn an-nis ‘s a-rithist.

Tha daoine le ùidh air Gàidhlig ann an Adelaide cuideachd, agus an-uair a tha mi an-siud, tha mi a’ teagasg clàsaichean na Gàidhlig. Bha barrachd air fichead daoine ‘s a chlàs an-uiridh! Tha aiteas agam gu bheil Gaidhlig cho mòr-chordte an-nis. An-uair a thòisich mi Gàidhlig a dh’ionnsachadh, dh’innis h-uile duine dhomh, “Don’t do that. It’s a dead language and it’s too difficult anyway.”

Chan eil sin ceart! ‘S e beò-cànan a th’ innte agus ‘s caomh leam i. ‘S Beurla mo chiad chànan ach is Gàidhlig cànan mo chridh’. Ach ‘s e cànan glè bheag a th’ innte cuideachd. Tha nas lugha na millean daoine le Gàidhlig anns an saoghal mòr. Seo comas: tha ceithir millean daoine is leth ann am Meall Bùirn fhèin.

Mur a tha sibh ann am Meall Bùirn, nise, tha Gàidhlig an-seo bho chionn fhada. Bidh sinn a’ seinn an 7mh Giblean aig eaglais far an robh daoine le Gàidhlig bho chionn ceud bliadhna ‘us leth!

Agus carson a tha mi a’ sgrìobhadh sin an-nis?

Latha na #Gàidhlig sona dhaibh uile!

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s